Taic

A bheil beachd agaibh fhèin airson buidheann a thòiseachadh?

Tha sinn air diofar ghoireasan a chruthachadh a chuidicheas sibh -bho bhith a' cur sheiseanan air-loidhne air dòigh air Zoom, sgaoileadh fios air Eventbrite no fiù's mar a gheibh sibh club no buidheann air a chasan.

Faodaid sibh cuideachd fios a chur thugainn agus bheir sinn cuideachadh dhuibh.


Ceistean Cumanta

Tha sinn an dòchas gu bheil freagairt ann airson ur cuid cheistean an seo. Mura bheil, nach cuir sibh post-d thugainn aig fios@cleachdi.scot agus nì sinn ar dìcheall ur cuideachadh.

Dè a th' ann an Cleachd i?

Chruthaich Bòrd na Gàidhlig is com-pàirtichean iomairt #cleachdi air chor ’s gum faod luchd-bruidhinn na Gàidhlig air feadh na dùthcha a bhith nas fhaicsinniche ri càch a chèile.
Faodaidh sibh sealltainn do dhaoine gu bheil sibh deiseil agus deònach Gàidhlig a bhruidhinn le bhith a’ cur oirbh bhràistean/steigearan/lainneardan Cleachd i.
Faodaidh sibh cuideachd cothroman a lorg a’ Ghàidhlig a chleachdadh air an làraich-lìn seo - le fios ri lorg air diofar thachartasan, buidhnean, clubaichean agus a leithid a tha tro mheadhan na Gàidhlig.

Cò a bhios a' ruith nan tachartasan?

Tha an làrach-lìn a' cruinneachadh fios air na rudan a tha daoine a' dèanamh ann an Saoghal nan Gàidhlig, anns am faod sibh pàirt a ghabhail. Chan eil Cleachd i, Bòrd na Gàidhlig no Cànan Graphics Studio (CGS) an sàs ann an a bhith a' lìbhrigeadh nan tachartasan - ’s e daoine agus buidhnean gu tur fa-leth a th' annta. Chì sibh barrachd fios san àicheadh againn.

Dè an t-eadar-dhealachadh eadar Cleachd i agus #cleachdi?

’S e Cleachd i an t-ainm air an iomairt air fad. Faodaidh sibh #cleachdi a chleachdadh air na meadhanan sòisealta, an dà chuid airson rudan a tha sibh a’ dèanamh, agus airson lorg na tha a’ dol ann an Saogha nan Gàidhlig.

Am bi na tachartasan seo gu lèir anns a' Ghàidhlig?

Bidh na tachartasan seo uile tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin.

Cò a tha air cùlaibh Cleachd i?

’S e Bòrd na Gàidhlig a tha os cionn iomairt Cleachd i. Tha Cànan Graphics Studio a' toirt taic dhan sgeama a thaobh lìbhrigidh.

Dè a th’ anns na bràistean le Gàidhlig sgrìobhte orra a chì mi timcheall?

Sin agaibh suaicheantas Cleachd i! Tha e a' ciallachadh gu bheil an neach sin deiseil agus deònach a' Ghàidhlig a bhruidhinn. Faodaidh sibh suaicheantas cleachdi a chleachdadh san t-sanasachd agaibh cuideachd. Faodaidh sibh cuideachd bathar #cleachdi fhaighinn an seo.

Dè seòrsa tachartasan a lorgas duine air an làraich-lìn?

A h-uile seòrsa rud, agus chan ann a-mhàin ann an Alba. ’S mathaid gu bheil buidheann seinn ann am Berlin, sa Ghearmailt. Cearcaill còmhraidh ann an Alba Nuadh, no fiù 's club cinema anns a’ Mheatabhears!

Am faod mise rudeigin a chur air dòigh mi fhìn?

Faodaidh gu dearbh. Tha taic air an làraich-lìn gus ur cuideachadh.

Tha mi ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh - a bheil goireasan agaibh airson fìor luchd-tòiseachaidh?

Tha an làrach-lìn seo airson daoine a tha ag iarraidh a’ Ghàidhlig a chleachdadh, agus a tha ag iarraidh cur-seachadan, buidhnean agus tachartasan a lorg a tha tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin. Gheibhear ceangal gu làraich-lìn airson Gàidhlig ionnsachadh an seo.

Bhideothan cuideachail

Maoineachadh

Tha diofar bhuidhnean ag obair gus taic maoineachaidh a thabhainn dha buidhnean a tha a' cur rudan air dòigh sa Ghàidhlig. Ma tha beachd agaibh a chòrdadh ribh leasachadh, nach toir sibh sùil air na làraich-lìn aca:

Ionnsachadh