top of page

Sat, 20 Apr

|

Ionad nan Ealan Co-aimsireil

A' Ruith Eadar Dà Dhràgon

Thigibh còmhla ris na bàird, Màrtainn Mac an t-Saoir, Ifor ap Glyn agus Noèlia Diaz-Vicedo airson an fhoillseachaidh air 'A' Ruith Eadar Dà Dhràgon'.

 A' Ruith Eadar Dà Dhràgon
 A' Ruith Eadar Dà Dhràgon

Àm is Àite

20 Apr 2024, 19:00 – 20:00

Ionad nan Ealan Co-aimsireil, 350 Sràid Sauchiehall, Glaschu G2 3JD, RA

Mu dheidhinn an tachartas

Thigibh còmla ris na bàird, Màrtainn Mac an t-Saoir, Ifor ap Glyn, agus Noèlia Diaz-Vicedo airson an fhoillseachaidh air 'A' Ruith Eadar Dà Dhràgon / Running Between Two Dragons / Corrent Entre Dos Dracs / Rhedeg Rhwng Dwy Ddraig' ann an Glaschu.

Is e cruinneachadh ùr beairteach a tha seo de dhàin Ghàidhlig Mhàrtainn Mhic an t-Saoir, air am brosnachadh le siubhal agus tachartasan ann an Catalòinia agus sa Chuimrigh agus air an eadar- theangachadh a-nis gu Catalànais, Cuimris agus Beurla le triùir de na bàird. Tha e a’ riochdachadh ciad thachartas den t-seòrsa seo an lùib Litreachas na h-Alba!

Leughaidh na bàird taghadh de dhàin bhon chruinneachadh sna ceithir chànanan. Bidh cothrom ann air an leabhar eireachdail seo a cheannach bho Francis Boutle Publishing.

'S e Ceòl is Craic a tha air an tachartas seo a chur air dòigh agus faodar a frithealadh an-asgaidh!

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page