Mu Dheidhinn Cleachdi
Lorg tachartasan, clubaichean agus buidhnean Gàidhlig!

Air an làraich-lìn seo, lorgar fiosrachadh mu tachartasan, clubaichean is buidhnean Gàidhlig agus cothroman dha daoine tighinn còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh.
Faodaidh sibh pàirt a ghabhail anns na rudan anns a bheil ùidh agaibh, a’ cleachdadh a’ chànain aig an aon àm ann an dòigh tlachdmhòr, neo-fhoirmeil.
Faodaidh sibh cuideachd bathar #cleachdi fhaighinn, bràistean 's a leithid, a sheallas dha daoine gu bheil sibh deiseil agus deònach a' Ghàidhlig a bhruidhinn.
Chaidh an iomairt Cleachdi a chruthachadh le Bòrd na Gàidhlig an dà chuid gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an suidheachaidhean eadar-dhealaichte agus gus am biodh e nas fhasa luchd-labhairt na Gàidhlig aithneachadh.
Cò?
Daoine a tha ag iarraidh Gàidhlig a chleachdadh còmhla ri daoine eile.
Dè?
Lorg cur-seachadan, buidhnean agus tachartasan tro mheadhan na Gàidhlig.
Carson?
Cothrom tighinn còmhla airson pàirt a ghabhail ann an rudan anns a bheil ùidh agaibh.
Càite?
Aghaidh ri aghaidh neo air-loidhne; le daoine ann an Alba agus air feadh an t-saoghail.