top of page

Ainmean-Àite na h-Alba

Mon, 12 Aug

|

Sabhal Mòr Ostaig

Bidh an cùrsa seo air a theagasg sa Bheurla; chan fheumar eòlas sam bith air Gàidhlig no cànanachas. Tha e a’ tabhann cothrom gus ionnsachadh mun dàimh eadar cànan agus àite, cultar agus cruth-tìre. Chòrdadh an cùrsa ri neach sam bith le ùidh ann an cruth-tìre, cànan is cultar na h-Alba.

 Ainmean-Àite na h-Alba
 Ainmean-Àite na h-Alba

Àm is Àite

12 Aug 2024, 09:00 – 16 Aug 2024, 17:00

Sabhal Mòr Ostaig, Slèite An t-Eilean, Sgitheanach IV44 8RQ

Mu dheidhinn an tachartas

Bidh na cuspairean a’ gabhail a-steach:  

Diofar chànanan na h-Alba agus a’ bhuaidh a th’ aca air ainmean-àite: Lochannais, Cruithnis, Beurla/Albais agus Gàidhlig.  

Mar a bhios ainmean-àite ag obrachadh bho shealladh cànanachais: mar a tha iad air an cruthachadh, agus mar a dh’atharraicheas iad thairis air ùine.  

Eileamaidean Gàidhlig a’ tuairisgeulachadh bheanntan, aibhnichean agus tuineachadh agus mar a tha iad a’ nochdadh sa chruth-tìre agus air mapaichean.   

An dreuchd a th’ aig ainmean-àite am broinn beul-aithris na Gàidhlig an coimeas ri sgeulachdan is abairtean.  

Mar a nì sibh fhèin rannsachadh air ainmean-àite, a’ gabhail a-steach obair-raoin, rannsachadh tasglannan agus mion-sgrùdadh cànanach.  

Fuaimneachadh bunaiteach na Gàidhlig.  

Bidh na seiseanan air an ruith le taisbeanaidhean neo-fhoirmeil le cothroman deasbaid gan leantainn. Bidh far-sheiseanan ann cuideachd, gus dlùth-shùil a thoirt air eisimpleirean sònraichte.  

A-rèir na h-aimsire, bidh cuairt coiseachd a’ gabhail àite timcheall làrach na Colaiste gus cuid de na cuspairean a dhealbhadh.  

Cosgaidh a' chùrsa £290.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun chùrsa an seo. 

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page