top of page

An Cruinneachadh Gàidhlig agus Cèilidh na Cloinne

Sat, 27 Apr

|

Tallaichean a' Chorrain

Cothrom do dhaoine agus bhuidhnean coimhearsnachd coinneachadh ri buidhnean nàiseanta gus conaltradh agus beachdachadh air mar is urrainn dhaibh fàs a thoirt air Gàidhlig agus cèilidh air an oidhche.

An Cruinneachadh Gàidhlig agus Cèilidh na Cloinne
An Cruinneachadh Gàidhlig agus Cèilidh na Cloinne

Àm is Àite

27 Apr 2024, 09:30 – 15:00

Tallaichean a' Chorrain, 54 Corran Esplanade, Oban PA34 5AB, UK

Mu dheidhinn an tachartas

Bidh An Cruinneachadh Gàidhlig a’ toirt cothrom do bhuidhnean, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth coinneachadh ri buidhnean nàiseanta gus conaltradh agus beachdachadh air mar is urrainn dhaibh a bhith ag obair ann an com-pàirteachas gus fàs a thoirt air Gàidhlig.

‘S i Jenny Gilruth BPA, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Sgilean, prìomh neach-labhairt aig tachartas na bliadhna-sa, agus bidh riochdairean bho bhuidhnean eadar-dhealaichte an làthair cuideachd.

Tha tiocaidean ri fhaighinn an-asgaidh air Eventbrite.

Bidh fàilte chridheil air luchd-ionaid gu cèilidh air an oidhche cuideachd, air a chuir air dòigh le Comunn Gàidhealach an Òbain, le ceòl is òrain bho Chòmhlan Tradaiseanta Àrd-sgoil an Òbain, sgoilearan Acadamaidh Mòd an Òbain, Sìleas Nic na Ceardaich agus Iain Eòsaph MacNèill. Gheibhear tiocaidean airson an cèilidh aig an doras air an oidhche.

Chaidh an tachartas seo a chur air dòigh le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page