top of page

Thu, 14 Mar

|

Comhairle nan Leabhraichean

Bàrdachd Gàidhlig is Eadailtis le Crìsdean MacIlleBhàin

Thig còmhla airson feasgar de bhàrdachd Gàidhlig is Eadailtis aig Comhairle nan Leabhraichean le Crìsdean MacIlleBhàin.

Bàrdachd Gàidhlig is Eadailtis le Crìsdean MacIlleBhàin
Bàrdachd Gàidhlig is Eadailtis le Crìsdean MacIlleBhàin

Àm is Àite

14 Mar 2024, 18:30 – 19:30

Comhairle nan Leabhraichean, 32 Sràid Achadh a’ Mhansa, Glaschu G11 5QP

Mu dheidhinn an tachartas

Thig còmhla ri Crìsdean MacIlleBhàin aig Comhairle nan Leabhraichean gus an leabhar ùr aige, Non dimenticare gli angeli (Na Dìochuimhnichibh na h-Ainglean), a chomharrachadh. 'S e cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig thar 30 bliadhna a th’ anns an leabhar, le eadar-theangachaidhean dhan Eadailtis air taobh eile na duilleig (a bhaunnaich duais Premio Rilke 2023).

Seo a’ chiad uair a chaidh leabhar Gàidhlig fhoillseachadh san Eadailt agus mar sin tha e na leabhar cudromach gus Gàidhlig a bhrosnachadh san Roinn Eòrpa. 

Bidh Crìsdean MacIlleBhàin ann an còmhradh le Niall O'Gallagher, Bàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich 2023.  

Tha Crìsdean MacIlleBhàin na bhàrd Gàidhlig a choisinn iomadh duais. Às dèidh dreuchd chomharraichte acadeimigeach a’ teagasg litreachas na Gàidhlig san Ròimh, Dùn Èideann agus Glaschu, rinn e imrich a Bhudapest ann an 2006, far am bi e a’ sgrìobhadh làn-ùine. Tha an obair aige aithnichte leis an dòigh sa bheil e a’ dèiligeadh ri cuspairean ùr-gnàthach agus an sealladh Eòrpach a tha ri fhaighinn sna dàin aige.

Faodar an tachartas seo a frithealadh an-asgaidh

Lorgar barrachd fiosrachaidh is cothrom clàradh an seo.

'S e Comhairle nan Leabhraichean a bhios a' ruith an tachartais seo. 

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page