Cèilidh Mhòr Bothan!
Fri, 31 May
|Kilderkin Bar - Dùn-Èideann
Seisean-ciùil air an fheasgar agus sgeulachdan, ceòl, is cèilidh air an oidhche.
Àm is Àite
31 May 2024, 15:30 – 22:40
Kilderkin Bar - Dùn-Èideann, Kilderkin Bar - 67 Canongate Edinburgh, Edinburgh, EH8 8BT
Mu dheidhinn an tachartas
Fàilte gu tachartas ceann-bliadhna Bothan - tha Bothan 21 bliadhna a dh'aois, cha ghabh e creidsinn!
Aig toiseach an latha bidh seisean ciùil againn, le faireachdainn na Gàidhealtachd agus ainmean tàlantach mòra.
- Rona Wilkie air an fhidhill. A bharrachd air a' cheòl aice, tha Rona a’ dèanamh PhD ann an Roinn Ceiltis is Eòlas na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann.
- Alastair Paterson, an cluicheadair meur-chlàr sgoinneil ann an Skippinish.
- Alice Nic a’ Mhaoilein, às an Rubha, Eilean Leòdhais. Le iomadh duais airson a seinn, tha i air aon de phrìomh ghuthan a h-aois.
- Alison Carlyle a' dèanamh dannsa-ceum. 'S e dannsair tàlantach a th' ann an Alison agus tha sinn cinnteach gum bi sibh fortanach a bhith còmhla rithe!
Bidh an tachartas seo a’ ruith bho 3.30f gu 5.45f agus faodar tiocaidean a cheannachd air Eventbrite.
Às an sin, leanaidh an tachartas air le barrachd thaisbeanaidhean agus cèilidh aig Ionad nan Sgeulachdan. Bidh sgeulachdan againn bhon rannsaiche Uibhisteach Curstaidh Dhòmhnallach, iomadh de cluicheadairean, agus bidh cèilidh thraidiseanta againn, le dannsa traidiseanta, bho chòmhlan òg Gàidhlig West Loch Ceilidh Band.
Faodar tiocaidean fhaighinn airson an cèilidh air làrach-lìn Ionad Sgeulachdan na h-Alba agus thèid an teachd a-steach uile bhon reic thiceadan dhan luchd-ciùil.
'S e tachartas sgoinneil a tha seo, is mar sin thigibh ann, faighibh deoch agus deagh latha làn Gàidhlig!