top of page

Deireadh-seachdain Còmhnaidh

Fri, 23 Jun

|

The Old Brewery

Bùthan-obrach còcaireachd, ceòl is seinn agus drama còmhla ri oidean dhòigheil is spòrsail do dh'òigridh ann an C7 - AS3.

Deireadh-seachdain Còmhnaidh
Deireadh-seachdain Còmhnaidh

Àm is Àite

23 Jun 2023, 15:30 – 25 Jun 2023, 14:30

The Old Brewery, Church St, Burnside Pl, Cromarty IV11 8YE, UK

Mu dheidhinn an tachartas

'S e cothrom a tha seo do dh'òigridh ann an C7 - AS3, a tha fileanta sa Ghàidhlig a thighinn cruinn còmhla. Bidh bùthan-obrach cocaireachd, ceòl is seinn agus drama a dhèanamh cuide ri oidean dhòigheil is spòrsail -  Angela Nicmhaoilein, Eòghann MacEunraig is Artair Donald.

COSGAIS

Tha sinn taingeil do Mhaoin nan Ealan Gàidhlig, Urras Uilleam Syson is Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid mu choinneamh nan deireadh-seachdainean a leigeas le teaghlaichean a phàigheadh nas urrainnear dhaibh (£0, £25, £50, £75 no £100)

DREACHD CLÀR-AMA

Dihaoine

3.30–4.15f: Ruig an àite-fuirich (The Old Brewery) is cuir rudan anns na seòmraichean

4.15–5.30f: Failte & ice-breakers

5.30–6.30f: Dìnnear

Bho 6.30f: Am saor is cur-seachadan na h-oidhche

Disathairne

Bho mu 8m: Bracaist

10m – 1f (le break): Còcaireachd NO obair-bhuidhne (intermediate / advanced)  

1–2f: Lòn

2–4f: Còcaireachd NO obair-bhuidhne (irean air fad)

4–5.30f: Àm saor

5.30–7f: Dìnnear

Bho 7f: Cur-seachadan na h-oidhche

Didòmhnaich

Bho 8m: Bracaist

10m–11.20f: Dràma NO seinn.

11.20m–11.40m: Break

11.40m–1f: Dràma NO seinn

1–2.30f: Lòn & beachdan air an deireadh-seachdain

2.30f: Àm dhachaigh.

Nithean a bu chòir a thoirt leibh:

• Botail uisge as urrainn dhuibh a dh’ath lionadh.

• Aodach blath (layers) is freagarrach airson side frasach.

• Cungaidh-leighis (medication), mas fhreagarrach.

• Toiletries

• Hairdryer, ma tha fear a dhìth.

• Aparan is seann lèine-t no lèine-t a bharrachd ma tha sibh a’ taghadh còcaireachd

• Ionnsramaid–ciùil agus/no ur guth seinn ma tha sibh a’ dèanamh obair-bhuidhne. Bheir sinn ionnsramaidean-beum leinn air an deireadh-seachdain. Cuiribh fios air Karen mu dheidhinn a bhith a’ faighinn iasad air ionnsramaid eile airson na deireadh-seachdain.

Nithean nach fheumar a thoirt leibh:

• Searbhadairean & anart-leapa.

• Biadh. Bi an leithid ann ach faodar beagan airgid a thoirt leibh ma thogras sibh oir 's dòcha gun nochd cothrom airson a dhol dhan bhùth.

TUILLEADH FIOS & CLÀRADH: https://booking.feisrois.org/programme/course/residential-weekend-fluent-gaelic-june-2642/ 

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page