top of page

Mon, 12 Aug

|

Sabhal Mòr Ostaig

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh le Ailig Dòmhnallach (Bhaltois)

An co-bhoinn ri Sabhal Mòr Ostaig, bidh Urras Ionad Thròndairnis a’ cur an cùrsa seo air dòigh. Bidh an cùrsa a’ còrdadh gu mòr ri daoine, le còrr is 100 neach air pàirt a ghabhail gu ruige seo. ‘S e cùrsa fad 5 làithean a th’ ann le foghlam sa bhlàr a-muigh is bùithtean-obrach.

Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh le Ailig Dòmhnallach (Bhaltois)
Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh le Ailig Dòmhnallach (Bhaltois)

Àm is Àite

12 Aug 2024, 09:00 – 16 Aug 2024, 17:00

Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ

Mu dheidhinn an tachartas

Bidh an cùrsa ag amas air fileantaich is cuideachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha aig ìre meadhanach àrd air neo adhartach (m.e., SMO ìre 6 no nas àirde), a tha airson an sgilean labhairt a leasachadh agus eòlas air cultar dùthchasach a leasachadh. ‘S e cothrom fìor mhath a th’ ann airson cuid eòlais air litreachas, eachdraidh is cultar ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich fhaighinn ann an teis-meadhan na coimhearsnachd brìoghmhoir Gàidhlig seo. Thathar an dùil gum bi ùidh aig luchd-ionnsachaidh a tha airson fileantas a ruighinn nan cuid rannsachaidh no nan dreuchdan cho math ris an fheadhainn a tha airson an cuid sgilean fhèin a leasachadh.  

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann a dhol air cuairtean agus coinneachadh ri daoine a tha eòlach air an sgìre agus Gàidhlig nàdarra a chluinntinn bho mhuinntir an àite. Bidh tursan ann gu taighean-tasgaidh is gu àiteachan le ceanglaichean sònraichte eachdraidheil far am faigh na h-oileanaich ionnsachadh bho shàr eòlaichean na sgìre ann an cuspairean a leithid eòlas air fosailean agus ainm-eòlas ceann a tuath an Eilein.  

Thèid clasaichean cànain a’ chùrsa a chumail ann an Columba 1400 far am bi bùithtean-obrach cànain a bhios a’ meòrachadh air gnàthsan-cainnte agus dualchainnte, ainmean-àite agus briathrachas cultar dùthchasach na sgìre.  

Tha prìs a’ chùrsa a’ gabhail a-steach dinnear gach oidhche bho Dhiluain gu Diardaoin.  

Cosgaidh a' chùrsa £325.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun chùrsa an seo. 

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page