Pìobaireachd is Drumaireachd (fo aois 21)
Mon, 08 Jul
|Sabhal Mòr Ostaig
Tha an cùrsa seo ag amas air sgilean pìobaireachd, drumaireachd is beum-cheòl (bòdhran, djembe, drùmaireachd ceòl chèilidh) a thoirt am feabhas aig oileanaich òga a tha aig ìre reusanta math air an fheadan, ach gu h-àraid an feadhainn a tha air a bhith ri pìobaireachd airson greiseag cuideachd.


Àm is Àite
08 Jul 2024, 09:00 – 12 Jul 2024, 17:00
Sabhal Mòr Ostaig, Slèite An t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ
Mu dheidhinn an tachartas
Tha an cùrsa seo ag amas air sgilean pìobaireachd, drumaireachd is beum-cheòl (bòdhran, djembe, drùmaireachd ceòl chèilidh) a thoirt am feabhas aig oileanaich suas gu 21 bliadhna dh’aois a tha aig ìre reusanta math air an fheadan, ach gu h-àraid an feadhainn a tha air a bhith ri pìobaireachd airson greiseag cuideachd. Tha e air a mholadh gum bi oileanaich a’ gabhail pàirt anns an dà chlas ach an cuidich e le ruitheam is cumail ris a’ cheòl.
Thèid ceòl aotrom, mar caismeachdan, srath spèithean is ruidhlichean a chleachdar ann am farpaisean a theagasg, cuide ri puirt ghrad-charach, fuinn Ghàidhlig agus puirt-chruinne. Thèid ceòl mòr cuideachd a theagasg; na dòighean cluiche is na fuinn a tha ri lorg ann am pìobaireachd.
O chionn beagan bhliadhnaichean a-nis, ‘s iad am pìobaire agus neach-sgrùdaidh pìobaireachd Iain MacPhàidein agus an drumair is pìobaire cliùiteach Anndra Mac a’ Phearsain a tha air a bhith os cionn a’ chùrsa seo.
Cosgaidh a' chùrsa £155.