top of page

Sat, 20 Apr

|

Ionad Ealain Cho-aimsireil

Seòmarata

Ainsley Hamill, Seonaid Aitken is NYOS Camerata le aoigh shònraichte Annie Catriona NicDhòmhnaill!

Seòmarata
Seòmarata

Àm is Àite

20 Apr 2024, 20:00 – 22:30

Ionad Ealain Cho-aimsireil, 350 Sràid Sauchiehall, Glaschu G2 3JD

Mu dheidhinn an tachartas

Bidh Ainsley Hamill, seinneadair agus sgrìobhaiche òrain aithnichte is cliùiteach, a’ gnìomhadh ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla. Chaidh a’ ciad chlàr aice, “Not Just Ship Land,” a thaghadh mar chlàr na mìosa aig a’ Ghuardian.  

Còmhla rithe, bidh Seonaid Aitken, fìdhlear, seinneadair, sgrìobhaiche-ciùil agus craoladair BBC, le cliù air feadh an t-saoghail. Tha i mar aon de na prìomh chluicheadairean jazz ann an Alba, am measg luchd-ciùil sheiseanan, rèitichean-ciùil agus meantoran ciùil.  

Tha an aoigh shònraichte, Annie Catriona NicDhòmhnaill, a choisinn Bonn Òir a’ Chomuinn o chionn ghoirid, gu làithreach a’ gleusadh a sgilean ann an ceòl traidiseanta Gàidhlig agus ceòl clasaigeach aig Colaiste Rìoghail a’ Chiùil ann an Lunnainn.  

Airson an tachartais air leth seo, bidh an triùir luchd-ealain sin a bhuannaich mòran duaisean, a’ gnìomhadh ri taobh NYOS Camerata, buidheann cho-cheòltairean tar-ghnèitheach agus co-aimsireil bho Orcastrathan Òigridh Nàiseanta na h-Alba. Tha cuireadh ga thoirt do dh’àrd-cheòladairean bho na h-orcastrathan clasaigeach co-obrachadh le luchd-ealain bho dhualchasan ciùil eadar-mheasgte a’ gabhail a-steach clasaigeach, jazz, tuath-cheòl agus deuchainneach, gus cruthan ciùil ùr-ghnàthach agus beò-ghlacmor a chruthachadh.

Tiogaidean £14. Lorgar barrachd fiosrachaidh is cothrom clàradh an seo.

'S e Ceòl is Craic a bhios a' ruith an tachartais seo. 

Co-roinn an tachartas seo

bottom of page